Lyrics: |
English Translation: |
|
|
Moch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein |
Early I awakened with little sorrow |
Air madainn Chéitein 's mi ann an Os |
On a May morning in Ose |
Bha spréidh a' geumnaich an ceann a chéile |
The cattle were lowing as they gathered |
'S a' ghrian ag éirigh air Leac-an-Stòrr |
And the sun rising on Leac-an-Storr |
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan |
The rays were beaming on the flanks of the mountains |
Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd |
Covering over night's gloom hastily |
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor |
And up above me the lively lark sang |
Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg |
Reminding me of when I was young |
|
|
Toirt 'na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi |
___ |
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòl |
___ |
A' falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean |
___ |
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid |
___ |
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa |
___ |
Ach dh'fhalbh an t-ám sin 's tha 'n gleann fo bhròn' |
___ |
Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig |
___ |
Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg |
___ |
|
|
Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan |
___ |
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhó |
___ |
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach |
___ |
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò |
___ |
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair |
___ |
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò |
___ |
'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt' |
___ |
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg |
___ |
|
|
Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh |
___ |
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl |
___ |
Nuair shéid i 'n dùdach 's a shin an ùspairt |
___ |
'S a thog i cùrsa o Thir a' Cheò |
___ |
Mo chridhe brùite 's na deòir le m'shùilean |
___ |
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl |
___ |
Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach |
___ |
No fraoch no luachair air bruaich no lòn |
___ |