Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > A Fhleasgaich Uasail

   
Òrain Ghàidhlig A Fhleasgaich Uasail
   
Credits: Traditional
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Tha thu 'nad shìneadh, a Mhàiri bhàn
Tha thu 'nad shìneadh air leabaidh làir
'S truagh a Rígh nach mi bha sìnte
Ri d' mhuineal mhìn-gheal ach thu bhí slàn

Chorus (after each verse):
A fhleasgaich uasail ho rì ho rò
A fhleasgaich uasail ho rò a hì
A fhleasgaich uasail an leadain dualaich
Tha mi fo ghruaim bhon là dh'fhàg thu mi

'S iomadh àit' anns a' robh mi sealg
Mun d' dhuair mi aodach nan daoine dh'fhalbh
Mun d' rinn mi fhaotainn, gun d' rinn mi 'n caoineadh
Chuir mi naoinear an aon sloc mharbh

'S iomadh cuan air a robh mi tinn
Agus mairds air a robh mi sgìth
Agus oidhche nam shuidh aig shanty
Far a robh na Frangaich an arm a' righ

'S lìonmhor té chuir dhomh léin' an dlùth
Agus grùdair a rinn dhomh leann
Agus griasaiche rinn dhomh brògan
Mun d' chuir mi 'n còta seo umam riamh

'S iomadh gòraiche rinn mi riamh
Agus stop as na dh' òl mi dìol
'S iomadh Nollaig a bha mi sona
Gur e 'm pòsadh a ghléidh dhomh ciall