Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Am Bràighe
|
Lyrics:
Chorus (after each verse):
Na cnuic's na glinn bu bhòidhche leinn
'S iad cnuic is glinn a' Bhràighe
Mu'n tric bha sinn ri mànran binn
'S a' chomunn ghrinn a b' fheàrr leinn
Chan eil àite 'n diugh fo 'n ghréin
'S am b' fheàrr leam fhéin bhith tàmhachd
Na Bràigh' na h-Aibhne measg nan sonn
O 'm faighte fuinn na Gàidhlig
Do bhruachan gorm 's am faighte spréidh
Do ghlacan réidh gun àireamh
Mar uachdar thonn, 's an soirbheas trom
A' ruith gu bonn nan àrd-bheann
Gur pailt gach flùr a' fàs gu dlùth
Air maduinn chùbhraidh Mhàigh ann
'S bidh ceòl nan ian gu fonnmhor, dian
'Nuair thig a' ghrian le fàilt' ann
Bidh sruthain mhear de uisge glan
A' brùchdadh mach mu ràthaidean
'S bidh crodh is caoraich pailt ri 'm faotainn
Feadh nan aodann àrda
Gur binn leam ceòl na h-aibhne mhòir
'S i falbh an glòir a h-àilleachd
Fhads bhios i gluasad sios le fuiam
Cha toir mi fuath do'n Bhràighe