Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > An Cluinn Thu Leannain?
|
Lyrics:
Mo chinn air an ainnir, 's i bhean chaol bhàn
Gun d'thug mi gaol falaich na fannaich gu bràth
'S tu mo chiad leannan, gun aithne de chàch
'S mi nise fo phràmh 'gad ionndrainn
Chorus (after each verse):
An cluinn thu leannain? An cluinn thu?
An cluinn thu idir? An cluinn thu?
An cluinn thu leannain? An cluinn thu?
Mar a tha mi cho tinn 'gad ionndrainn
'S e t-iomhaigh is ceòl dhomh gach Dòmhnach a's Luain
'S tu cuspair mo smaointeanan faoin' gach uair
'S e 'mhaise tha d' aodann a chaochail mo shnuadh
'S a dh'fhàg mi gun luaidh air sùgradh
'S truagh nach robh mise fo shileadh a' cheò
Còmhla ri m' leannain an gleannan an fheòir
Chan iarrainn a dh'iocshlaint' ach brìodal do bheòil
Oir 's millse do phòg nan siùcar
Seall air a' ghealaich air aghaidh nan speur
Nach caochail a cùrsa measg dùmhlas nan reul
Mar sin tha sìor iomairt mo chrìdh' as do dhéidh
Bhon tug thu fo ghéill air tùs e
Tha caoin shlios mo leannain mar eal' air a' chuan
Na 's gile na 'n fhaoileann air aodann nan stuagh
Mar shneachd air na beannaibh, mar chanach nam bruac
'S i farasda suairc' 'na giùlan