Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Ho Ró Mo Chuid Chuideachd Thu

   
Òrain Ghàidhlig Ho Ró Mo Chuid Chuideachd Thu
   
Credits: Sam Patterson
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Chorus (after each verse):
Ho ró mo chuid chuideachd thu
Bu mhiann leam thu bhi cuide rium
Gu 'm b'annsa leam bhi cuide ris
A' chuideachd nach biodh gruamach

Air a' cheud latha dhe 'n t-samhradh
Gur ann a dh'fhàg mi Framboise
Tha 'nis an darna geamhradh
'S gu bheil mi 'n geall gur fuar e

Nuair cheannaich mi mo phlangaidean
'S gun deach mi steach do'n champa leò
'S e liath reòdhadh bu chonnlach dhomh
'S na lòngairean bu chruaidh iad

'S a'mhadainn 'n àm dhuinn éirigh
Gun do sheall mi air na speuran
Bha sneachd' air bhàrr nan geugan
Ach b' éiginn dhuinn bhi 'ghluasad

Chan ionnan 's mar a b' àbhaist
Nuair a bha mi maille ri m' chàirdean
Bhiodh glainneachan 'gan tràghadh
'S an t-slàint' gu cur mu 'n cuairt ann

Ceud soraidh chum an àite
Anns an deachaidh m' àrach
Cha chluinn mi facal Gàidhlig
Ach Fraingeis mu mo chluasan