Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mairi MacInnes > Causeway > Cuachag Nan Craobh

   
Causeway Cuachag Nan Craobh
   
Credits: Traditional; arranged by Mairi MacInnes
   
Appears On: Causeway
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

A chuachag nan craobh, nach truagh leat mo chaoidh
Ag òsnaich ri oidhche cheòthar
Shiùbhlainn le'm ghaol fo dhubhar nan craobh
Gun duin' air an t-saoghal fheòraich
Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich
Mo leabaid ri taobh dòrainn
Do chrutha geal caomh bhi sinnte ri m' thaobh
'Us mise 'gad chaoin phògadh

Chunna mi fhìn aisling, 's cha bhreug
Dh'fhàg sin mo chré brònach
Fear ma ri té, a pògadh a bhéil
A' brìodal an déigh pòsaidh
Dh'ùraich mo mhiann, dh'àith'rraich mo chiall
Ghuil mi gu dian dòimeach
Gach cuisle, us féith, o ìochdar mo chléibh
Thug iad gu leum còmhla

Thuit mi le d'ghath, mhill thu mo rath
Strìochd mi le neart dòrainn
Saighdean do ghaoil sàidht' anns gach taobh
Thug dhìom gach caoin còmhla
Mhill thu mo mhais, ghoid thu mo dhreach
'S mheudaich thu gal bròin domh
'S mu fuasgail thu tràth, le d'fhuran 's le d'fhàilt'
Is cuideachd am bàs dhomh-sa

'S cam-lubadh t'fhalt, fanna-bhuidh' nan cleac
'S fàbhradh nan rosg àluinn
Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol
Anail mar ghaoth gàraidh
Gu'n cur iad mi steach an caoil-thigh nan leac
Bidh mi fo neart cràidh dheth
Le smaointinn do chleas, 's do shùgradh ma seach
Fo dhuilleach nam preas blàth-mhór

Càirear gu réidh clach agus cré
Mu m' leabaidh-sa 'bhrìgh t-uaisle
'S fada mi 'n éis a' feitheamh ort féin
'S nach togair thu 'gheug, suas leam
Na'm b'thusa bhiodh tinn, dheanainn-sa luim
Mu'm biodh tu fo chuing truaighe
Ach 's goirid an dàil tu 'm faicear an latha
'M bi prasgan a' trà'l m' uaigh-sa