Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Margaret Stewart > Fhuair Mi Pog > Bha Caileag As t-Earrach

   
Fhuair Mi Pog Bha Caileag As t-Earrach
   
Credits: Traditional; arranged by Margaret Stewart & Allan MacDonald
   
Appears On: Fhuair Mi Pog
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Bha caileag as t-Earrach a dh'fhalbh as a' bhail againn fhìn
Chan fhaiceadh tu samhail, ged a shiùibhleadh tu rangan an t-saoghail
Chan iarraidh i cais'eart ged bhitheadh an sneachd air an raon
Ach 's iomadh fear baile nach iarraidh leath' fearann no nì

Chorus (after each verse):
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Cur-as-domh gun fhios a dh'fhàg mis' ann an cuing do ghaoil

Na faighinn-s' an cothrom air snaidhm a tha beannaicht aig cléir
Chan iarrainn leat fearainn no tuath tha cuir thairis le spréidh
Chan iarrainn leat tochar bu shuarrach an socair dhomh e
'S nam iasgair na mara chan fhaicainn ort gainne no feum

Tha 'm baile cho falamh bho thug thu do chasan thar chuan
Mo léirsinn air dalladh, 's nach fhaigh mi mo shealladh thoirt bhuam
Tha 'n latha cho fada, 's an oidhche cha chaidil mi uair
Ri caoidh na h-òg chailin a mhill mo shonas 's mo shnuadh

As d'aonais, a leannain, tha mise mar leanabh gun treòir
Le dubhar air m'anam, is thréig na speuran an glòir
An lionn th'air mo chridhe, cha thogar le mire no ceòl
'S as aonais do chomainn, a ghaoil, cha theic dhomh bhith beò

O pill rium, a leannain, 's na fàg mo thuireadh gun cheann
Air faidead do thurais bidh mise ri feitheamh sa ghleann
'S ma phòsas fear eil' thu, 's mo dhòchas uile air chall
Theid mise dhan ùir, oir 'se d'iargain a chuireas mi ann