Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Arthur Cormack > Ruith Na Gaoith > Òran An t-Saighdear
|
Lyrics:
Gur olc a chuir an òige rium
'S a' ghòraiche le chèile
Nuair dh'fhalbh mi o mo mhàthair
Le àrdan nach d' rinn feum dhomh
'S na hi ill o ci oireann o
Na hi ho ro mo dh'eideag
'S na hi ill o ci oireann o
Latha dhomh 's mi sràidearachd
Gu h-àrd am bràigh' Dhùn Eideann
'S ann thachair orm an saighdear
Is dh'fhaighneachd e mo sgeula
'S na hi ill o ci oireann o
'S ann thachair orm an saighdear
Is dh'fhaighneachd e mo sgeula
'S gun tuirt e rium nan liostaiginn
'S gun d' sheas mi grèis 's gun d' èist mi
'S na hi ill o ci oireann o
'S gun tuirt e rium nan liostaiginn
'S gun d' sheas mi grèis 's gun d' èist mi
Sheall e 'n t-òr 's an t-airgead
An cota dearg 's am fèilleadh
'S na hi ill o ci oireann o
Sheall e 'n t-òr 's an t-airgead
An cota dearg 's am fèilleadh
Gun tug e dhan taigh-òsta mi
On dheònaich e bhith rèidh rium
'S na hi ill o ci oireann o
Gun tug e dhan taigh-òsta mi
On dheònaich e bhith rèidh rium
'S gun d' chuir e bean na bainnse
Nam làimh am fianais cheudan
'S na hi ill o ci oireann o
'S gun d' chuir e bean na bainnse
Nam làimh am fianais cheudan
'S gun tug e dhomh ri ghiùlan
Tè dhubh nach sgùr i fhèin dhomh
'S na hi ill o ci oireann o
'S gun tug e dhomh ri ghiùlan
Tè dhubh nach sgùr i fhèin dhomh
'S gun toirinn còig punnd Shasannach
Do bhalach dhèanadh feum leath'
'S na hi ill o ci oireann o
'S gun toirinn còig punnd Shasannach
Do bhalach dhèanadh feum leath'
'S a chitheadh sàbhailt' dhachaigh
Dhan chaisteal an Dùn Eideann
'S na hi ill o ci oireann o
'S a chitheadh sàbhailt' dhachaigh
Dhan chaisteal an Dùn Eideann
'S gum fàgainn sin rim bheò mi
Mur feòraichinn mar chèil' i
'S na hi ill o ci oireann o
Na hi ho ro mo dh'eideag
'S na hi ill o ci oireann o